Bheil thu sgìth a bhith a’ coimhead air liosta de rudan a tha fhathast ri dhèanamh? Trobhad dhan t-seisean co-obrachaidh air-loidhne againn. Dòigh shimplidh ach cumhachdach rudan a dhèanamh!
Ciamar a tha e ag obair?
1. Còmhradh sa chiad àite (10 mion)
Faodaidh tu innse dè tha thu dol a dhèanamh (chan fheum thu!) ach tha e iognantach an diofar a nì e.
2. Ceann sìos, fòcas (45 mion)
Fàg an camara air, mic dheth, agus stiall ort! Dèan obair air a’ ghnìomh gun dibhearsain sam bith agus cunntachalachd na chois.
3. Cùisean gu crìch (5 mion)
Cothrom innse mar a chaidh dhut agus ullachadh airson a’ chòrr den latha, ‘s tu a’ ruith le fonn!
Carson a tha e ag obrachadh?
Cunntachalachd: Nuair a tha càch a’ coimhead, cumaidh tu ris a’ ghnothaich.
Structar: Chan fheum thu mionaid a bharrachd a chaitheamh, a’ feuchainn ri tòiseachadh.
Spionnadh: Bidh thu a’ faireachdainn gu bheil thu air deagh adhartas a dhèanamh agus thèid thu tron chòrr den latha a’ ruith le fonn!
Dèilig ri puist-d a tha thu a’ seachnadh
Sgioblaich an inbox agad
Ullaich taisbeanadh
Cuir air dòigh fàirdealan agus rianachd ionmhais
Dèan adhartas air pròiseact
Obraich air plana susbaint nam meadhanan sòisealta
Iomadh rud eile!
Clàraich
Clàraich gu h-ìseal airson seisean, a’ chiad Dimàirt de gach mìos, bho 9.55m – 10.55m.
** Seisean sònraichte air 24 an Gearran airson Seachdain na Gàidhlig!**
Deiseil airson beagan spionnaidh a thoirt dhut fhèin? Tòisicheamaid!
Copyright © 2021-25 Lasair Ltd - Còraichean glèidhte All rights reserved
We use cookies to analyse website traffic and optimise your website experience. By accepting our use of cookies, your data will be aggregated with all other user data.