Taic Rianachd Gnìomhachais. Business Admin Support.
  • HOME
  • Let's Chat!
  • SERVICES
    • About Lasair
    • Services
    • Values
    • Lasair Testimonials
    • Contact Lasair
  • SEIRBHEISEAN
    • Mu dheidhinn
    • Seirbheisean
    • Goireasan
    • Cuir fios
  • Pricing
  • Blog
  • Lasair Newsletter
  • More
    • HOME
    • Let's Chat!
    • SERVICES
      • About Lasair
      • Services
      • Values
      • Lasair Testimonials
      • Contact Lasair
    • SEIRBHEISEAN
      • Mu dheidhinn
      • Seirbheisean
      • Goireasan
      • Cuir fios
    • Pricing
    • Blog
    • Lasair Newsletter
Taic Rianachd Gnìomhachais. Business Admin Support.
  • HOME
  • Let's Chat!
  • SERVICES
    • About Lasair
    • Services
    • Values
    • Lasair Testimonials
    • Contact Lasair
  • SEIRBHEISEAN
    • Mu dheidhinn
    • Seirbheisean
    • Goireasan
    • Cuir fios
  • Pricing
  • Blog
  • Lasair Newsletter

MU DHEIDHINN LASAIR

Cò sinne?


Fàilte ort! Is mise Nicola. 'S e Sgitheanach a th' annam agus thòisich mi Lasair air ais ann an 2021.  Tha mi a' fuireach air a' chroit far an deach mo thogail, còmhla ris an duine agam agus ar triùir chloinne. Tha mi air mo dhòigh gu bheil an cothrom agam cosnadh a dhèanamh nam choimhearsnachd fhèin. 


Tha Eilidh na co-obraiche aig Lasair. 'S e Uibhisteach a th' innte agus tha i cuideachd a' fuireach far an deach a togail, am measg a teaghlaich is a cuid caraidean ann an Uibhist a Tuath. 


Tha an dithis againn air a' mhòr-chuid de ar beatha phroifeasanta a chosg ann an dreuchdan Gàidhlig - corporra, riaghlaidh, margaideachd, rianachd agus coimhearsnachd.


Eadarainn, bidh sinn a' cumail taic ri buidhnean Gàidhlig agus gnìomhachasan beaga air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean,  a tha a' cur feum air taic gus pròiseactan a thoirt gu buil, siostaman a chur air dòigh no cuideachadh le gnothaichean riaghlaidh na buidhne. Tha sinn a' tabhann seirbheis Ghàidhlig agus Bheurla. 


'S fìor toil leinn a bhith a' toirt beachd gu buil! Bheir sùil air na Seirbheisean againn an seo. 


Tha sinn a' tabhann seirbheis Ghàidhlig agus Bheurla, agus leis gu bheil an taic ga thabhann air astar*, faodaidh tusa a bhith stèidhichte an àite sam bith!

CUIR FIOS

Copyright © 2021-25  Lasair Ltd - Còraichean glèidhte All rights reserved

  • Privacy Policy
  • Poileasaidh Dìomhaireachd
  • Lasair Newsletter

Powered by

Criomagan | Cookies

 We use cookies to analyse website traffic and optimise your website experience. By accepting our use of cookies, your data will be aggregated with all other user data. 

Diùlt | DeclineGabh ris | Accept