Signed in as:
filler@godaddy.com
Signed in as:
filler@godaddy.com
Tha sibh trang! Agus tha mise seo airson ur cuideachadh!
Is mise Nicola. Tha mi a' fuireach san Eilean Sgitheanach còmhla ris an duine agam agus triùir de theaghlach.
Tha mi air a bhith ag obair ann an dreuchdan rianachd, sgiobachd, stiùireadh leasachadh buidhne, agus rianachd chorporra aig àrd-ìre tro mheadhan na Gàidhlig airson faisg air 20 bliadhna. Ach an rud as fheàrr leam? A' sireadh fuasgladh. Bha mi riamh a' cur rudan air dòigh do dhaoine, a' cur siostaman an sàs, a' cuideachadh daoine le gnothaichean pearsanta a bha a' cur uallach orra.
Ged a tha thu a' ruith gnìomhachas no trang nad bheatha phearsanta, tha ar beathannan uile trang agus bidh na laithean a' falbh oirnn. 'S urrain dhomhsa beagan comfhurtachd a thoirt dhuibh le bhith dèiligeadh ri na rudan a bhios sibh tric a' cur dheth. 'S dòcha gur e gnothaichean pearsanta a th' ann, mar eisimpleir, drathair làn chèisean nach deach fhosgladh o chionn mìosan, no gu bheil na puist-d a' càrnadh oirbh; nur gnìomhachas fhèin a bheil pròiseact agaibh ach chan fhaigh sibh tòiseachadh air ri linn gnothaichean eile a tha an còmhnaidh a' togail ceann?
Ge b' e dè tha a' cur dàil oirbh, fàg agam e!
Tha beagan fòcas a dhìth oirnn uile. Agus 's toil leamsa a bhith direach ceum air ais bhon stuth làitheil agaibh. Mar phaidhir làmhan a bharrachd, gur cuideachadh tron latha.
Tha mi a' tabhann seirbheis Ghàidhlig agus Bheurla, agus leis gu bheil an obair seo air astar*, chan eil crìochan air càite am feum sibh a bhith stèidhichte.
Ma dh'fhaoidte gu bheil sibh a' call uairean san latha a' gabhail dragh mu dheidhinn gnìomh a th' agaibh ri dhèanamh. Tha teansa gum b' urrain dhomhsa a chur ceart dhuibh. £30 san uair air a dheagh chosg, chanainn!
Mura h-eil sibh cinnteach ciamar a b' urrainn dhomh ur cuideachadh no mar a mhìnicheadh sibh dhomh na tha a dhìth, cuiribh air dòigh Discovery Call. Nuair a bhios tuigse agam air na tha a dhìth, cuiridh sinn plana air dòigh agus mura bi e freagarrach, 's dòcha gun urrainn dhomh rudeigin no cuideigin eile a mholadh dhuibh. Gun chosgais.
Cha bhi Lasair a' tabhann comhairle laghail no ionmhais, ach 's urrainn dhomh ur cuideachadh airson dèiligeadh ri gnothaichean mar seo agus ur cur air an t-slighe cheart.
*Tha cuid de na seirbheisean pearsanta aghaidh-ri-aghaidh, agus tha iad rim faotainn anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Bidh cosgais siubhail ri phàigheadh aig ìre 45sg gach mìle.
We use cookies to analyse website traffic and optimise your website experience. By accepting our use of cookies, your data will be aggregated with all other user data.